Fiosrachadh mun aimsir, bhon sgioba aig BBC Alba. Sarah Cruickshank, Derek Mac an Tòisich & Joy Dunlop.

Glaschu
Joined June 2012
Às dèidh là gu math gaothach eile dhan a' chuid as motha againn agus frasan bitheanta, trom air a bhith againn air is dheth - saoil dè bhios fa-near dhuinn tron a' chòrr dhen t-seachdain?
80
Ged a bha i gu math nas ciùine tro mhòran sgìrean an-diugh, co-dhiù an taca ri cho fiadhaich sa bha i tron deireadh-sheachdain - tha barrachd ghèiltean san amharc a-nochd agus a-màireach. Tha am fiosrachadh air fad aig Derek.
1
6
170
Ged a gheibh sinn cuidhteas de stoirm BOELO a-nochd agus a' ghlainne gu bhith ag èirigh tron oidhche, tha barrachd ghèiltean agus sìde fhliuch san amharc. Seo Derek le tuilleadh.
2
9
369
Abair crathadh a tha mòran againn air fhaighinn bho Stoirm BOELO agus i air a bhith air leth fiadhaich fad is farsaing. Seo cuid de na h-uspagan gaoithe as làidire a chaidh a chlàradh bho ghluais an stoirm a-steach an-dè. Stoirmeil dha-rìribh!
1
1
3
292
Cuimhnichibh gu bheil an gloc a' dol air ais a-nochd, mar sin gheibh sibh uair a thìde a bharrachd anns an leabaidh madainn a-màireach (cho fad 's nach cùm Stoirm BOELO nur cois sibh).
174
A bheil sibh air buaidh Stoirm BOELO fhaireachdainn mar-tha? Uill, 's ann nas fhiadhaiche buileach a dh'fhàsas i tro mhòran sgìrean a-nochd, agus mairidh i gu math fiadhaich a-màireach cuideachd. Tha am fiosrachadh as ùire aig Derek.
3
4
194
A bharrachd air rabhaidhean gaoithe a bhith an sàs a-nochd, tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe airson uisge trom fhoillseachadh cuideachd. Bidh tòrr uisge air na rathaidean agus dh'fhaodadh tuiltean a bhith ann gu h-ionadail cuideachd.
1
129
Chì sibh Stoirm BOELO a' teannadh air iar-thuath na h-Alba air an dealbh-saideil a chaidh a thogail na bu tràithe an-diugh. Breàgha ach mosach aig an aon àm.
2
269
Tha rabhadh òmar bho Oifis na Sìde 'son fìor ghèiltean gu bhith an sàs bho 21:00 a-nochd (Disathairne) gu 21:00 a-màireach. 'S ann air leth stoirmeil a bhios i air a' chost an iar. Tha cothrom ann gun caillear cumhachd an dealain. Dh'fhaodadh craobhan tighinn a-nuas cuideachd.
109
Seo agaibh cuid de na h-uspagan gaoithe as làidire a chaidh a chlàradh gu ruige seo an-diugh an Alba. Fàsaidh i nas gairbhe a-nochd ge-tà, agus fìor ghèiltean air thoiseach air mòran a-màireach cuideachd. Thoiribh an aire.
5
324
Buaidh Stoirm BOELO ga fhaireachdainn mar-tha, is uisge aig mòran agus a' ghaoth a 's fhìor èirigh cuideachd. Tha tuilleadh aig Derek.
1
2
219
⚠️Tha rabhadh buidhe 'son an ìre mhath Alba air fad a-nis an sàs bho Oifis na Sìde, agus Stoirm BOELO a' teannadh air an dùthaich. Tha tro chèile gu math buailteach, gu h-àraid do chòmhdhail. Bidh stuaghan mòra mu na costaichean cuideachd, mar sin bithibh air ur faiceall⚠️
1
134
Le stoirm Boelo air a rathad airson an deireadh-sheachdain air fad, tha sùil aig Sarah air cho fliuch agus cho gaothach 's a bhios i.
3
13
436
Rabhadh òmar airson gèiltean millteach is Stoirm BOELO buailteach air troimhe-chèilte adhbhrachadh tron deireadh-sheachdain leis a' ghaoth a' ruighinn còrr is 80msu oidhche Shathairne agus Là na Sàbaid.
1
2
175
An rabhadh buidhe airson uisge trom ann gu meadhan- oidhche a-nochd le tuiltean buailteach air buaidh a thoirt air dòighean-siubhail.
3
4
243
Dean deiseil airson sìde gu math nas fhiadhaiche tron deireadh-sheachdain le stoirmean agus rabhaidhean ann bho'n a-màireach agus tron dheireadh-sheachdain.
4
7
289
⚠️Rabhadh buidhe ga sgaoileadh le Oifis na Sìde is dùil ri uisge mòr an luib stoirm Austen, a dh'fhaodadh tuiltean is duilgheadasan siubhail adhbhrachadh a-màireach do chuid.
2
1
143
Le gaoth làidir, uisge trom agus fiùs rabhadh buidhe an sàs aig Oifis na Sìde, 's fhiach sùil gheur a chumail air an aimsir thar na lathaichean a tha romhainn. Tha am fiosrachadh as ùire aig Derek.
2
5
248
⚠️Tha rabhadh buidhe airson UISGE TROM an sàs aig Oifis na Sìde tron là Dihaoine leis gu bheil tuiltean buailteach ann an àiteachan is uisge trom, leantainneach air an t-slighe. Mar sin tha duilgheadasan siubhail gu math comasach, agus tòrr uisge gu bhith air na rathaidean.
1
1
4
236
'S ann fo bhuaidh bruthadh-ìosal a bhios sinn thar cnap mhath de na lathaichean a tha romhainn, agus uisge is frasan gu bhith air is dheth. Tha tuilleadh aig Derek.
1
4
324