Thigibh uile ann diardaoin seo a’ tighinn (22/02/24) chun a’ Phark bar air fear de n h-oidhcheanan as motha den bhliadhna airson a’ Chomunn.
Abair gu bheil sàr phìobairean a’ dol a bhith a’ pìobaireachd airson Cuach a’ Chomunn Oiseanach.
Bidh sinn a’ toiseachadh aig 7f.
Tha an Comunn Oiseanach a’ seasamh leis ar chàirdean Aberdeen University Celtic Society an aghaidh nam planaichean cunnartach aig Oilthigh Obar Dheathain a thaobh chùrsaichean-chànain.
chng.it/5Kj79YjbxJ
Bidh sinn a’ cruinneachadh anns a’ Phark Bar bho 7f air 01/06. Tha fàilte oirbh tighinn leis na h-ionnsramaidean agaibh agus tha sinn gu math fortannach gur e Ciorstaidh Chaimbeul a bhios ga stiùradh!
Dèan cinnteach gu bheil sibh saor agus nach caill e!🎻🍻🎶
Abair oidhche a bh’ againn aig Oidhche Pìobaireachd a’ Chomuinn! Gur math a rinn na pìobairean air fad, bha sibh air leth. Ach beannachd sònraichte do Chalum Dunbar a rinn an gnothach air chàch agus gu Eilidh Nic a’ Phì a fhuair Roghainn an Luchd-Èisteachd. 🎶🥃
2
202
Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile a’ coimhead air adhart ri Oidhche Pìobaireachd a’ Chomuinn a-nochd fhathast! Tha sinn a’ tòiseachadh cùisean aig 7f agus bidh an fharpais fhèin a’ tòiseachadh aig 7.30f anns a’ Pharc Bar. Chì sinn ann sibh 🎶🤩💚
138
CÈILIDH MHÒR A’ CHOMUINN OISEANAICH! A-NOCHD @ QMU 🕺Bidh na dorsan a’ fosgladh aig 7f agus tòisichidh ceòl bho Mhàrtainn Skene agus Seumaidh MacDhòmhnaill (le aoigh shònraichte) aig 8! Bidh na tiocaidean £7 agus bidh lasachadh prìs de £5 ann dhuibh ma tha sibh anns a’ chomainn💚
173
Tha sinn air leth moiteil agus taingeil gun do bhuannaich sinn Duais Coimhearsnachd na Gàidhlig a-raoir! Mòran taing dhuibh uile airson tighinn chun na tachartasan againn agus a’ cruthachadh miann airson tachartasan dhen leithid am measg coimhearsnachd nan oileanach ann Glaschu
CÈILIDH MHÒR A’ CHOMUINN OISEANAICH! 24/02/23 @ QMU 🕺Bidh na dorsan a’ fosgladh aig 7f agus tòisichidh ceòl bho Mhàrtainn Skene agus Seumaidh MacDhòmhnaill (le aoigh shònraichte) aig 8! Bidh na tiocaidean £7 agus bidh lasachadh prìs de £5 ann dhuibh ma tha sibh anns a’ chomainn
4
250
Air Diardaoin tha sinn gu bhith a’ coimhead air am film ‘Dùthchas’. ‘S e documentary a th’ ann mu bheathan dhaoine nuair a bhiodh feum aca fàgail an t-àite far an deach an togail. Bidh sinn a’ cruinneachadh ann an 3 Gàrraidhean an oilthigh aig 6f! Chì sinn ann sibh 🎬
1
163
Abair oidhche a bh’againn a-raoir anns a’ Phark Bar! Taing mhòr dhuibh airson tighinn agus gu sònraichte don Phark airson ar gabhail a-rithist! Cha b’ urrainn dhuinn bhith air faighneachd airson toiseach tòiseachaidh na b’ fhèarr airson an semester ùr 💚🍻
2
208
Tha sinn an dòchas gu robh deagh Nollaig agus bliadhn’ ùr mhath agaibh uile agus gu bheil sibh deiseil airson na tachartasan againn am bliadhna 🤩 Airson a’ chiad fhear ann an 2023 tha sinn gu bhith anns a’ Pharc Bar bho 7f air oidhche Haoine! Chì sinn ann sibh 🍻💚
2
210
Bha oidhche air leth againn a-raoir a’ gabhail òrain nollaig neo dhà! Abair deagh thachartas socair mus bi am pàrtaidh againn air Dihaoine!🍻
Taing mhòr dhuibh airson tighinn a-mach agus bu mhath leinn taing sònraichte a thoirt dha Ruairidh Grey airson taic a thoirt dhuinn 🎄💚
Air Diluain an ath sheachdain bidh sinn a’ seinn laoidhean nollaig. Tha sinn air leth fortanach leis gum bi Ruairidh Grey còmhla rinn airson ar cumail ceart le òrain gu leòr dhuinn uile a sheinn! Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn agus ur cluinntinn ✨🎅
























